Nithean làitheil
Tha an cuspair seo a’ toirt cànan do luchd-obrach nan tràth-bhliadhnachan a chleachdas iad gu làitheil, a’ cur fàilte air a’ chloinn sa mhadainn agus feasgar (me, fàilte, hallò, madainn mhath/feasgar math). Tha òrain ann cuideachd a bheir taic dhut le làithean na seachdain agus le bhith ag atharrachadh clàr na sìde gach latha.