Mu Gàidhlig nan Òg
Gàidhlig nan Òg
Tha Gàidhlig nan Òg a’ toirt pailteas ghoireasan air diofar chuspairean do phàrantan/luchd-cùraim agus luchd-obrach sna tràth-bhliadhnachan. Cuidichidh na goireasan iad Gàidhlig a chleachdadh san dachaigh agus ann an suidheachaidhean tràth-bhliadhnachan ann an dòigh a tha feumail ach spòrsail.
Ann an Gàidhlig nan Òg tha sreath thaisbeanaidhean airson faclan agus abairtean a theagasg, agus tha faidhlichean-fuaim, dealbhan, òrain, sgeulachdan agus gnìomhan nan cois mar thaic, cho math ri sgrìobhainn le molaidhean air mar as fheàrr a ghabhas an goireas a chleachdadh.
Ged a tha Gàidhlig nan Òg ag amas air luchd-obrach nan tràth-bhliadhnachan ’s air a’ chonaltradh làitheil aca ri clann 0-5, bheir e taic cuideachd do dh’inbhich a tha nan luchd-ionnsachaidh, agus do phàrantan a tha airson a’ chlann aca a chuideachadh leis a’ Ghàidhlig, co-dhiù tha na pàrantan air ùr-thòiseachadh, nas adhartaiche no fileanta.
Tha an goireas a’ nochdadh fo chuspairean. Nam measg tha an t-aodann agus a’ bhodhaig, àireamhan, dathan, nithean làitheil, an t-sìde, beathaichean agus peataichean, ionnsachadh a-muigh, cuspairean ràitheil mar Oidhche Shamhna agus an Nollaig, agus rannnan chloinne agus òrain thraidiseanta.
Tha sgrìobhainn ann cuideachd sam faod luchd-obrach tràth-bhliadhnachan agus pàrantan/luchd-cùraim breithneachadh a chlàradh.
Chaidh an goireas a chur ri chèile le Jackie Mullen, eòlaiche foghlaim, agus le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig.
Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig
Tha Stòrlann na chompanaidh earranta le inbhe carthannais a bhios a’ co-òrdanachadh dèanamh agus sgaoileadh ghoireasan curraicealam do fhoghlam Gàidhlig. Chaidh a stèidheachadh ann an 1999 le Riaghaltas na h-Alba agus on uair sin tha meud agus toradh a’ chompanaidh air fàs gu mòr. Tha Stòrlann a’ faighinn maoineachadh-tabhartais bho Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.
Tha 17 de luchd-obrach aig Stòrlann eadar Leòdhas, Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla, an t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, Ceann Rois agus Dùn Bhreatann.
Seo cuid den phrìomh obair a tha Stòrlann a’ gabhail os làimh ann an roinn Ionnsachadh na Gàidhlig:
- Cruthachadh sàr ghoireasan Gàidhlig a tha gan sgaoileadh gu ionadan tràth-bhliadhnachan, bun-sgoiltean, àrd-sgoilten agus buidhnean foghlam fad-bheatha. Tha prògram Stòrlann stèidhichte air na feuman a chomharraicheas luchd-teagaisg, luchd-obrach agus luchd-ionnsachaidh. Tha modh-obrach a’ bhuidhinn a thaobh planadh ro-innleachdail, maoineachadh agus toirt gu buil a’ faighinn taic bho bhuidhnean iomchaidh mar Bòrd na Gàidhlig, Foghlam Alba, Ùghdarrasan Foghlaim, Riaghaltas na h-Alba agus SQA.
- Leasachadh briathrachas Gàidhlig a thèid a chleachdadh ann an goireasan Gàidhlig, sgrìobhainnean measaidh agus stuthan fiosrachaidh, thairis air diofar chuspairean agus ìrean curraicealam.
- A thaobh na Dachaigh/Coimhearsnachd na Sgoile, tha dàimh làidir aig Stòrlann ri pàrantan agus bidh iad a’ cur taic ris a’ cheangal chudromach seo leis na meadhan sòisealta agus le diofar làraich-lìn mar Gaelic4Parents.com