Gìog Ort!
Beathaichean
Tiugainn agus ionnsaich mar a bhruidhneas tu air beathaichean, eadar cat a tha na pheata agus leòmhann a bhios a’ beucail. An do smaoinich thu riamh dè bhios crogall ‘ag ràdh’? Chan fhada gus am faigh thu a-mach!
A-muigh
’S toigh leinn uile a bhith ag ionnsachadh a-muigh! Eadar càraichean agus busaichean, aibhnichean agus sruthain, chan fhada gus am bi thu a’ bruidhinn sa Ghàidhlig air ionnsachadh a-muigh. Tha tòrr òrain ùra ri ionnsachadh cuideachd!
A’ bhodhaig
Nach ionnsaich sinn na faclan Gàidhlig airson bruidhinn air a’ bhodhaig! Coinnichidh tu creutair à fànas agus ròbot. Saoil dè an t-òran as fheàrr a chòrdas riut? Tha mòran ann dhiubh!
Sìde
’S toigh leinn uile a bhith a’ bruidhinn air an t-sìde. Ann an ùine ghoirid thèid agad air òran airson gach seòrsa sìde a sheinn. Le sin, bidh òran agad airson gach latha! Splis, splais!
Àireamhan
1,2,3… Tòisich! Saoil cia mheud losgann a tha a’ leumadaich? Saoil cia mheud teadaidh a tha air an leabaidh? Am faic thu cia mheud ugh a tha anns a’ bhasgaid? Bidh thu a’ cunntadh sa Ghàidhlig mus seall thu riut fhèin.
Aodach
Dè a bhios oirnn an-diugh? Lèine-t? Geansaidh? Còta?
Dathan
Ionnsaich mar a sheinneas tu gu bheil thu a’ dràibheadh tractar uaine, agus gu leòr eile!
A’ Chàisg
Trobhad còmhla ri Jackie agus ionnsaich mar a chomharraicheas tu an t-àm sònraichte seo le òrain ùra. Saoil cò aig a tha uan agus cò aig a tha basgaid uighean? Trobhad ’s gheibh sinn a-mach!
Seall an Sneachda
Obh! Obh! Tha e fuar an-diugh! Thig agus tog bodach sneachda comhla ri Jackie!
Oidhche Shamhna
Bu! Saoil cò air a tha ad bhiorach? Saoil cò aig a tha peapag? Tiugainn còmhla ris a’ chloinn ’s iad a’ dol a-mach ann an èididhean Oidhche Shamhna. Ionnsaich òrain ùra cuideachd!